2010-07-15
Urnaigh ri Naomh Colum Cille (sleachta as)
Tha mi 'coisrigeadh nan tri chaol, 's gach ni a th'agam an lathair Nh. Cholum Chille 's nan Naomh Gàidhealach uile.
...
Tha mi 'coisrigeadh Caol nan dùirn.
A Naoimh Cholum Chille!
Guidh gu grad, 's gu buileach, 's gu dùrachdach;
guidh gu tuath, 's gu deas; guidh an ear agus an iar;
guidh a nuas agus shuas, a bhos agus thall;
guidh ar ais 's ar aghaidh, h-uig agus uaithe, agus gu là bràth.
...
Na seachd reultan 'gam stiùradh
An dà-fhear-dhìag 'gam sheòladh
Na còig lotan 'gam dhìonadh
Na tri sanasan 'nam chluasan
Sìth nan Seachd Eaglaisean 'gam cuairteachadh
An aon Dia 'gam riaghladh
Sgiath chreidimh os mo cheann
An claidheamh soluis air m'aghaidh
Focal Dhé ar mo chultaobh
M'Aingil choimhdhich làmh rium
An Spioraid Naomh maille rium
A nis agus gu sìorruidh Amen.
Triath nan Triath. Amen.
(Ón leabhar a luaigh mé, Lòchran an Anma. Íomhá: fuinneog i nDún Éideann, ó Wikipedia na Catalóinise ar dtúis )
Clibeanna
colm cille,
creideamh,
filíocht,
gaeilge